Gu sealladh Sealbh oirnn! Tha creutairean annasach a’ tighinn do dh’Uibhist. Feadhainn dhiubh is itean orra, is feadhainn eile is gun cus orra (uaireannan) ach an craiceann!
Tha Donnchadh à Uibhist a Deas am beachd airgead mòr a dhèanamh orra. Le cuideachadh o Dhaibhidh òg MacÌosaig – a nì rud a bheir a mhothachadh bhuaithe. Dol-air-adhart a tha cianail. Dragh air an Uachdaran fhèin. Ach fuiricheadh sibhse: tha boireannach teòma sa Cheann a Tuath a dh’fheuchas ri gnothaichean a rèiteach. Gun teagamh, cha bhi e furasta, is gun fhios dè cho earbsach ’s a bhios an ceatharnach a thig a-nuas ga cuideachadh...
Tormod MacGill-Eain (English & Scots: Norman Hector Mackinnon Maclean; 1936 - 2017) was a Scottish Gaelic comedian, novelist, poet, musician and broadcaster. He is the only person to have won both Bardic Crown and Gold Medal at the same Royal National Mòd. His struggles with alcoholism are documented in his autobiography, The Leper's Bell: Autobiography of a Changeling (2009).
Chòrd an leabhar seo rium gu mòr. Bha e caran èibhinn aig amannan agus tha an t-ùghdar Tormod MacGill-Eain na dheagh sgrìobhadair. Tha a’ Ghàidhlig san leabhar seo torrach agus beartach aig amannan ach tha an sgeul furasta a leughadh agus a leantainn.
Rud a thug aoibhneas orm “ Leig i leat tuiteam a-mach às a’ phram nuair a bha thu nad phàiste”.
bha e èibhinn, bha e goirid, bha an stoidhle eadar-dhealaichte ach fhathast math! chan eil mi a gearain idir! bha Mairead a chòrdadh rium gu mòr. beagan stereotypical agus definitely not pc ach bha e fhathast nas fheàrr na Na Klondykers so.
3.5, dha-rìribh. sgrìobhadh (agus gu h-àraid còmhradh) fìor-mhath (no ’s dòcha "anabarrach sgileil" :P), ach caran frustrating ann an dòighean eile. tòrr leum air ais ’s air adhart gun a bhith a’ sealltainn na bha air tachairt.