'S mòr leam AP. Dòigh aige a tha tlachdmhòr, a' suathadh is a' saoilsinn, a' cur roimhe teud na h-argamaid. Beachdan fìor inntinneach aig DW: a' mhàthair a tha math gu leòr, cf. Freudian? trauma, Klein's psychotic baby. DW - cho fad's gum faigh leanabh cùram ann an àrainneachd a tha math gu leòr, fàsaidh iad gu nàdarra, gheibh iad an cothrom. Agus. Ma tha na psaidhceòlaichean mòr eil a' faicinn dùbailteachd na beatha ann an sìobhailteachd an aghaidh bunaid faidhaich, tha DW ga fhaicinn anns an dà rud a th' annainn uile: feumlachd a bhith ann an conaltradh le daoine eile, gun tuig iad sinn gu ìre, agus feumlachd pìos againn a chumail falaichte. Nach e seo am prìomh iomairt a th' aig ealan, sgrìobhadh, ceòl, ar briathran. Gum bi sinn so-thuigseach gu ìre mhòr, gun a h-uile càil a thoirt seachad.