Thug athair Thormoid an rathad mòr air aon latha agus cha chuala an teaghlach guth bhuaithe tuilleadh. Ach carson? Dè thachair dha? Feumaidh Tormod do gu New York airson seann dìomhaireachd fhuasgladh agus aig an aon àm a bhean, Maryam, a shàbhaladh o chogadh is geur-leanmhainn anns an dùthaich aice fhèin, Iran.
Anns an treas nobhail aige, tha Iain F. MacLeòid gar toirt air turas dàna thar a’ Chuan Siar agus Tìr-mòr na Roinn Eòrpa leis an aon liut airson deagh sgeulachd innse ’s a chunnacas anns Na Klondykers agus Am Bounty.
Iain Finlay MacLeòid (b. 1973) is a Scottish writer. He lives on the Isle of Skye. He is the author of several novels in Gaelic for the Ùr-sgeul project, published by CLÀR. He writes for the stage as Iain F. MacLeod.
Cha robh an leabhar seo idir mar a bha mi an dùil. Cha robh mi a' smaoineachadh mòran mu dheidhinn nuair a chunnaic mi e a' chiad turas ach thòisich mi ga leughadh co-dhiù agus tha mi gu math toilichte a-nis gun do rinn mi sin.
Chunnaic mi an leabhar seo anns an leabharlann is leis gun robh mi air Na Klondykers a leughadh fhuair mi e. Cha robh mi an dùil ri cho math ’s a chòrd e rium! Tha e gu math farsainn a’ togail air ceistean Ghàidhealach a leithid; eilthireachd, crìochnachadh daoine òga anns na h-eileanan, àite seann cultar Ghàidhealach is a’ Ghàidhlig ann an Alba latha an-diugh is mar sin air adhart. Ach a bharrachd air sin bhruidhinn MacLeòid air cuspairean eadar-nàiseanta; an riaghaltas againn a’ gabhail gnothach ri na dùthchannan anns an Ear-mheadhanach, mar a tha beatha airson fògarraich ann an Alba is a leithid. Rinn e seo uile ann an dòigh gu math sgileil, ga fighe a-steach gu sgeulachd mu dheidhinn duine a’ lorg athair a dh’fhalbh nuair a bha e òg. Leis a sin, chaidh na cuspairean a dhèiligeadh ri ann an dòigh gu math nàdarra is buaidh-mhòr, nach robh idir a’ faireachdainn mar òraid (cunnart leis an seòrsa sgrìobhaidh seo uaireannan). B’ e seo aon de na leabhraichean Ghàidhlig is fhèarr leam agus mholainn a dhaoine sam bith e.
'S e leabhar air leth a tha seo. A' togail air cèistean, mu chanan, choimhearsnachd, chàirdeas, agus saoghal far am bi calpachas a' dèanamh sgàraidhean eadarainn uile. Sgrìobhadh dhen ìre as àirde.
Aig toisieach an leabhar bha mi cinnteach gu robh fios agam "cò rinn e", ach bha mi fada ceàrr. Chan ann chun a’ chaibideil mu dheireadh gum faigh sinn a-mach an fhìor adhbhar gun do dh ’fhàg am Morriston as sine an t-eilean agus a theaghlach.
Tha an sgeulachd beagan troimh-chèile oir leumaidh e timcheall ann an tìm agus àite - na h-eileanan, Eabhrag Nuadh, Afganastan, ach chòrd e rium gu mòr.