Anns an toiseach cha robh ann ach fealla-dhà am measg oileanach, am bruadar a bh’ aca mu choimhearsnachd Ghàidhlig ùr, fad air falbh bho na dùbhlain a bha romhpa sa bhaile mhòr. Shaoil Mórag nach gabhadh an aisling a thoirt beò, ach bha barrachd misneachd, agus barrachd airgid, aig Eilidh.
A-nis, às dèidh fichead bliadhna, tha an aisling air a truailleadh le adhaltranas, bròn is càirdeas briste. Tha dìleab na deuchainn aca fhathast a’ bualadh air Mórag, agus fios aice gur ann oirrese a tha an t-uallach a bhith a’ mìneachadh do a cuid chloinne dè thachair ann am Baile Luachrach.
cha chuala an leabhar seo riamh mu dheidhinn 'beginning, middle, end' bha e dìreach a' dol agus a' dol gun a bhith ag innse sgeulachd sam bith. abair waste of time. cha bhithinn ga leughadh mura robh feum agam. 1 rionnag
Bha mi swithering eadar trì is ceithir rionnagan; 's dòcha gun atharraich mi mo bheachd aig àm air choireigin, ach co-dhiù, chòrd seo rium gu ìre mhath, agus cha rachadh sin a ràdh air na leabhraichean air fad air a' chùrsa conaltraidh.