Sgeulachdan tùrail, èibhinn, blàth-chridheach ann an Gàidhlig bhrèagh na Hearradh. Seo an dàrna cruinneachadh leis an t-sàr sgeulaiche Iain Urchardan agus tha e gar toirt air turas inntinn drùidhteach tro àbhachdas, caoidh is gàirdeachas, gus meòrachadh air cor a' chinne-daonna; gu h-àraidh a' beachdachadh air an dàimh phrìseil eadar athair is mac, agus an fhadachd is bròn a thig le call a' cheangail sin. An còmhnaidh, tha guth truacanta an ùghdair a' soillseachadh an dorchadais agus a' togail a' chridhe.
Chòrd seo rium - sgeulachdan a-mach air caochladh math de chuspairean, is gach tè dhiubh a' tabhann taobh-seallaidh pìos beag eadar-dhealaichte. Feumaidh mi aideachadh ged-thà gur aithne dhomh Iain còir gu pearsanta agus 's cinnteach gu bheil sin air buaidh a thoirt air mo bheachd. Nach leugh sibh fhèin an leabhar seo gus ur beachdan fhèin a chur còmhla - cha toir e ùine fhada oir chan eil ach mu 100 duilleagan ann.
'S e cruinneachadh fìor mhath de sgeulachdan goirid a tha seo. Tha cuid èibhinn, tha cuid brònach, tha cuid smaoineachail, tha cuid trom agus tha cuid aotrom. Tha iad uile sgrìobhte ann an Gàidhlig shiubhlach ghnàthasach. Cha toir e fada gach sgeulachd a leughadh oir tha a' mhòr-chuid mu trì no ceithir duilleagan a dh'fhaid. Mholainn Air an Oir gu mòr.