Creutairean draoidheil is daonnail, saoghalan céineach is aithnichte, fantasachd le fiamh uabhais. Sgrìobte 'sa Ghàidhlig, tha dusan sgeulachdan ghoirid ‘sa chiad nobhail grafaig aig dealbhadair-sgrìobhadair Aonghas MacLeòid á Ceap Breatainn. Tha buaidh nan seann sgeulachdan, eachdraidh 'is seann chreideamhan a bhuineas do na Gàidheil agus mac-meanma an ùghdair ri 'm faighinn ann an gach sgeul. Air an tarraing ann an dubh is geal. Creatures magical and human, worlds strange and familiar, fantasy and a touch of horror. This debut graphic novel from Cape Breton author-artist Angus MacLeod, written in Gaelic, is a collection of a dozen short tales. The stories are inspired by old tales, history and ancient beliefs belonging to the Gaels and the author’s imagination. Illustrated in black-and-white.
Chòrd e rium gu mòr nach robh eagal aige an ùghdar ro bhith feuchainn ri rudan a ràdh ann an da-rìribh; nach robh e airson a bhith searbhasach no ro "ghlic" nuair nach biodh e freagarrach. Chan ann faoin a tha e, a bhith onarach is maoth-inntinneach - agus gu dearbh, chan eil e furasta nas motha nuair a tha thu a' sgrìobhadh sgeulachdan làn charan is iognaidh. Tha spèis agam air leis gun d' fhuair e air sin a dhèanamh cho math.