’S e Polaris an ceathramh co-chruinneachadh aig a’ bhàrd Marcas Mac an Tuairneir, a bhios a’ sgrìobhadh ann an Gàidhlig is Beurla is a tha air iomadh duais a choisinn le a chuid bàrdachd.Air ainmeachadh air An Reul-iùil, tha an co-chruinneachadh ga thogail air bun-bheachdan a’ chinn a Tuath is ionnanachdan cànanach is cultarail – tha ‘Polaris’ a’ ciallachadh ‘cànanan’ anns a’ chriopto-chainnt ghèidh Polàiris. Tha an t-saothair ùr-nòsach seo a’ trusadh sgeulachdan bho bheul-aithris, eachdraidh is cùisean làitheil, a bhuineas don na eileanan seo – Innse an Taibh – bun gu bàrr.A’ ceasnachadh mhodalan is thròpaichean Aonachdach, Nàiseantach is sgìreil, ’s e litreachas mar fhianais a tha seo, a’ sgrùdadh aithrisean nam meadhanan mòra is a’ sireadh mhion-ghuthan, a chaidh a chall no a sheachnadh, gus an toirt am bàrr is fon phrosbaig. Le bhith a’ dèanamh seo, tha buaidh mhòr teòirig fheiminich is iar-cholonaich air a’ bhàrdachd.